Laoidhean 1

1
LAOIDH 1
Genesis 1
1O neo‑ni éireadh talamh 's nèamh,
so labhair guth an Triath:
O neo‑ni dh'éirich talamh 's nèamh,
gu h‑ùmhal mar a dh'iarr.
2Shuidh air an aigein duibhre tiugh,
thuirt Dia, Biodh solus ann;
Ghrad‑las an solus dealrach glan,
's an duibhre theich gu teann.
3Do neulaibh dh'àithn e togail suas,
suas thog na neoil d'a réir;
Le'n ionmhas uisg 'sgaoil iad 's gach àit,
a' snàmh air feadh nan speur.
4Dh'àithn e do'n uisg' a luidh air fonn
grad‑thional gu h‑aon àit;
Dhian‑ruith an fhairge, tonn air thonn
is feuch an talamh tràight'!
5Le luibhibh gorm is craobhaibh meas,
chòmhdaich e 'n talamh lom;
Mu'n d'thàinig fras no drùchd o'n speur,
's mu'n d' éirich grian air fonn.
6Sgeadaich e in sin na nèamhan àrd';
gu dealrach las a' ghrian:
A' ghealach is na reulta dhùisg,
a chuntas mhìos is bhliadhn'.
7Do'n uisge dhealbh Iehobhah treun
gach gineal éisg sa' chuan;
Is ghairm o'n doimhne mar an ceudn'
gach eun san ealtainn shuas.
8Gach dùile beò air thalamh ta
dhealbh thu le d' làimh, fa leth;
Do'n leòmhan bhorb 's do'n chnuimheig fhaoin
thug thu maraon am bìth.
9An duine chruthaich thu fadheòidh,
a'd' choslas glòrmhor féin,
Gu bhi 'na uachdran dligheach fìor
os ceann gach ni fo'n ghréin.
10T'uil' oibre 'n sin a'd' làth'r, a Dhé,
gu ciatach àluinn sheas;
Sheall thu, is thuirt gu robh gach ni
gu fior‑mhaith agus deas.
11Cia glòrmhor t'oibre‑sa gu léir!
da treun thu féin an neart;
Cò 'n ti nach tugadh dhuit‑sa cliù!
molams' thu, Dhia nam feart!

目前选定:

Laoidhean 1: LSN1987

高亮显示

分享

复制

None

想要在所有设备上保存你的高亮显示吗? 注册或登录