Eòin 16
16
1Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum nach faigheadh sibh oilbheum.
2Cuiridh iad as an t‑sionagog sibh: seadh, thig an uair, ge bè neach a mharbhas sibh, gun saoil e gu bheil e a’ dèanamh seirbhis do Dhia.
3Agus nì iad na nithean seo, do bhrìgh nach aithne dhaibh an t‑Athair, no mise.
4Ach dh’innis mi na nithean seo dhuibh, a‑chum nuair a thig an t‑àm, gun cuimhnich sibh gun d’innis mi dhuibh iad. Ach cha dubhairt mi na nithean seo ribh o thùs, do bhrìgh gu robh mi maille ribh.
5Ach a‑nis tha mi a’ dol a‑chum an tì a chuir uaithe mi; agus chan eil a h‑aon agaibhse a’ feòraich dhìom, Càit a bheil thu a’ dol?
6Ach a chionn gun dubhairt mi na nithean seo ribh, lìon do‑bhròn ur cridhe.
7Gidheadh tha mi ag innse dhuibh na fìrinn. Is buannachd dhuibh mise a dh’fhalbh: oir mura falbh mi, cha tig an Comhfhurtair dur n‑ionnsaighse; ach ma dh’fhalbhas mi, cuiridh mi esan dur n‑ionnsaigh.
8Agus nuair a thig esan, bheir e dearbh-shoilleireachd don t‑saoghal mu pheacadh, agus mu fhìreantachd, agus mu bhreitheanas;
9Mu pheacadh, do bhrìgh nach eil iad a’ creidsinn annamsa;
10Mu fhìreantachd, do bhrìgh gu bheil mi dol a dh’ionnsaigh m’Athar, agus nach faic sibh nas mò mi;
11Mu bhreitheanas, a chionn gu bheil uachdaran an t‑saoghail seo air a dhìteadh.
12Tha mòran nithean agam fhathast ri ràdh ribh, ach chan urrainn sibh an giùlan an tràth seo.
13Ach nuair a thig esan, Spiorad na fìrinn, treòraichidh e sibh a‑chum gach uile fhìrinn: oir cha labhair e uaithe fhèin: ach labhraidh e na h‑uile nithean a chluinneas e: agus foillsichidh e dhuibhse nithean a tha ri teachd.
14Bheir esan glòir dhòmhsa: oir gheibh e dem chuid-sa, agus nochdaidh e dhuibhse e.
15Na h‑uile nithean a tha aig an Athair, is leamsa iad: air an adhbhar seo thubhairt mi gum faigh e dem chuid-sa, agus nochdaidh e dhuibhse e.
16Tamall beag agus chan fhaic sibh mi; agus a‑rìs, tamall beag agus chì sibh mi, do bhrìgh gu bheil mi dol a‑chum an Athar.
17An sin thubhairt cuid de a dheisciobail eatorra fhèin, Ciod e seo a tha e ag ràdh rinn, Tamall beag agus chan fhaic sibh mi: agus a‑rìs, Tamall beag agus chì sibh mi: agus, Do bhrìgh gu bheil mi dol a‑chum an Athar?
18Air an adhbhar sin thubhairt iad, Ciod e seo a tha e ag ràdh, Tamall beag? Chan eil sinne a’ tuigsinn ciod a tha e ag ràdh.
19A‑nis dh’aithnich Iosa gu robh toil aca fheòraich dheth, agus thubhairt e riu, A bheil sibh a’ feòraich nur measg fhèin mar a thubhairt mi, Tamall beag agus chan fhaic sibh mi: agus a‑rìs, tamall beag agus chì sibh mi?
20Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, gun dèan sibhse gul agus caoidh, ach nì an saoghal gàirdeachas: agus bidh sibhse do‑bhrònach, ach tillear ur bròn gu gàirdeachas.
21Nuair a bhios bean ri saothair chloinne, bidh i fo dhoilgheas, a chionn gu bheil a h‑uair air teachd: ach nuair a bheireas i an leanabh, cha chuimhnich i a h‑àmhghar nas mò, tre aoibhneas gun do rugadh duine a‑chum an t‑saoghail.
22Agus tha a‑nis uime sin doilgheas oirbhse: ach chì mise a‑rìs sibh, agus nì ur cridhe gàirdeachas, agus ur gàirdeachas cha bhuin neach air bith uaibh.
23Agus air an là sin chan fheòraich sibh nì air bith dhìomsa. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè nithean a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm-sa, gun toir e dhuibh iad.
24Gus a seo cha d’iarr sibh nì air bith ann am ainm-sa: iarraibh, agus gheibh sibh, a‑chum gum bi ur n‑aoibhneas làn.
25Na nithean seo labhair mi ribh ann am briathran dorcha: ach thig an uair anns nach labhair mi nas mò ribh ann am briathran dorcha, ach innsidh mi gu soilleir mun Athair dhuibh.
26Anns an là sin iarraidh sibh am ainm-sa: agus chan eil mi ag ràdh ribh gun guidh mi an t‑Athair air ur son:
27Oir is toigh leis an Athair fhèin sibh, airson gun tug sibh gràdh dhòmhsa, agus gun do chreid sibh gur ann o Dhia a thàinig mi.
28Thàinig mi a‑mach on Athair, agus tha mi air teachd a‑chum an t‑saoghail: a‑rìs, tha mi a’ fàgail an t‑saoghail, agus a’ dol a‑chum an Athar.
29Thubhairt a dheisciobail ris, Feuch, a‑nis tha thu a’ labhairt gu soilleir, agus chan eil thu a’ labhairt cosamhlachd air bith.
30A‑nis tha fhios againn gur aithne dhut na h‑uile nithean, agus nach feum thu duine air bith a dh’fheòraich dhìot: air a shon seo tha sinn a’ creidsinn gur ann o Dhia a thàinig thu.
31Fhreagair Iosa iad, A bheil sibh a‑nis a’ creidsinn?
32Feuch, thig an t‑àm, seadh, tha e cheana air teachd, anns an sgapar o chèile sibh, gach aon ga ionad fhèin, agus am fàg sibh mise am aonar: gidheadh chan eil mise am aonar, oir tha an t‑Athair maille rium.
33Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.
Okuqokiwe okwamanje:
Eòin 16: ABG1992
Qhakambisa
Dlulisela
Kopisha
Ufuna ukuthi okuvelele kwakho kugcinwe kuwo wonke amadivayisi akho? Bhalisa noma ngena ngemvume
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017