Sailm 3
3
1Nach lìonmhor iad mo naimhdean, Dhia,
sìor dhol am meud gach là?
Is luchd mo thrioblaid iomadh iad,
ag èirigh rium a-ghnàth.
2Rim anam iomadh their nach eil
aon fhurtachd aig’ an Dia:
3Ach ’s tu fear-togalach mo chinn,
mo ghlòir, is tu mo sgiath.
4Air Dia do ghairm mi fhèin lem ghuth,
dh’èisd as a thulaich naoimh:
5Laigh, chaidil, agus mhosgail mi,
chùm Dia mi suas gu caomh.
6Chan eagal leam deich mìle sluagh,
ged chuartaicheadh iad mi.
7Mo Thighearn, èirich suas gu luath,
is cuidich leam, a Dhè:
Mo naimhdean bhuail thu air an giall;
bhris fiaclan fòs nan daoi.
8’S le Dia an fhurtachd: air do shluagh
do bheannachd tha gun dìth.
Tans Gekies:
Sailm 3: SD1826
Kleurmerk
Deel
Kopieer
![None](/_next/image?url=https%3A%2F%2Fimageproxy.youversionapistaging.com%2F58%2Fhttps%3A%2F%2Fweb-assets.youversion.com%2Fapp-icons%2Faf.png&w=128&q=75)
Wil jy jou kleurmerke oor al jou toestelle gestoor hê? Teken in of teken aan
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000