Marcus 3

3
Fear na Làimh Sheargte
1Turas eile chaidh e dhan t‑sionagog, 's bha fear ann an sin air an robh làmh sheargte. 2Bha iad a' cumail sùil air, gun fhios nach leighiseadh e air an t‑Sàbaid e, 's gum biodh cothrom aca gearan a thogail na aghaidh. 3Thuirt esan ris an duine aig an robh an làmh sheargte, “Seas am meadhon an làir.” 4Is thuirt e ris a' chòrr, “Dè as còir a dhèanamh air an t‑Sàbaid, math no olc; beatha a shàbhaladh, no duine a mharbhadh?” Ach cha tuirt iadsan guth.
5Sheall e orra gu feargach, 's chuir cruas an cridhe mulad air. An sin thuirt e ris an duine, “Sìn a‑mach do làmh.” Shìn e a‑mach i 's bha i air a dèanamh slàn. 6Thog na Pharasaich orra, 's chuir iad an comhairle ri muinntir Heroid feuch ciamar a chuireadh iad ás dha.
Ri Taobh an Loch
7Dh'fhalbh Iosa 's a dheisciobail leo fhèin gu taobh an loch, 's thàinig sluagh mòr a mhuinntir Ghalile às an dèidh. 8Nuair a chuala iad na bha e a' dèanamh, thàinig àireamh mhòr dhaoine thuige à Iudèa, à Ierusalem, à Idumèa, bho thaobh thall Iòrdain, 's bhon dùthaich man cuairt air Tìoras agus Sìdon. 9Air eagal 's gun teannaicheadh an sluagh air, dh'iarr e air a dheisciobail bàta a bhith deiseil dha; 10oir bha e a' leigheas mòran dhaoine, 's bha a h‑uile duine air an robh tinneas ga dhùmhlachadh feuch am beanadh iad ris. 11Cha robh uair a chitheadh na droch spioradan e nach robh iad a' tuiteam air a bheulaibh 's a' sgriachail, “'S tusa Mac Dhè.”
12'S bha esan a' toirt rabhadh cruaidh dhaibh gun innse cò e.
Aʼ Taghadh an Dà Fhear Dheug
13Ghabh Iosa suas dhan mhonadh. Ghairm e an fheadhainn a thagh e‑fhèin, 's chaidh iad a‑mach thuige. 14Chuir e air leth dà dhuine dheug (“abstoil” a thug e orra) a bhiodh còmhla ris, 's a chuireadh e a‑mach a shearmonachadh, 15le ùghdarras deamhain a ruagadh à daoine.
16Seo an dà dhuine dheug a thagh e: Sìmon air an tug e an t‑ainm Peadar, 17Seumas mac Shebede agus Eòin a bhràthair — orrasan thug e an t‑ainm Boanerges, 'se sin, Mic an tàimeanaich; 18Anndra agus Philip agus Bartolomèus; Mata agus Tòmas agus Seumas mac Alphèuis; Tadèus agus Sìmon an Canànach 19agus Iùdas Iscariot, am fear a thug thairis e dha nàimhdean.
Iosa agus Beelsebul
20Chaidh e an‑uairsin dhachaigh. Chruinnich a leithid a shluagh a‑rithist 's nach b'urrainn dhaibh fiù 's blasad bìdh ithe. 21Nuair a chuala a chàirdean seo, chaidh iad a‑mach a dhèanamh grèim air, oir bhathar ag ràdh gun robh e ás a chiall.
22Bha na sgrìobhaichean a thàinig a‑nuas à Ierusalem ag ràdh, “Tha e fo smachd aig Beelsebul” agus “'Sann an ainm ceannard nan deamhan a tha e a' tilgeil a‑mach nan deamhan.”
23Ghairm Iosa thuige fhèin iad, 's thòisich e air bruidhinn riu ann an samhlaidhean: “Ciamar as urrainn dhan t‑Sàtan an Sàtan a thilgeil a‑mach? 24'S ma tha rìoghachd air a roinn na h‑aghaidh fhèin, chan urrainn dhan rìoghachd sin seasamh. 25'S ma tha taigh air a roinn na aghaidh fhèin, chan urrainn dhan taigh sin seasamh. 26'S ma tha Sàtan air èirigh na aghaidh fhèin agus air a roinn, chan urrainn dhàsan seasamh, ach thàinig crìoch air a rìoghachd.
27“Chan urrainn do dhuine sam bith gabhail a‑steach a thaigh an duine làidir agus a chuid a ghoid mura ceangail e an duine làidir an toiseach. An‑uairsin faodaidh e an taigh aige a chreachadh an ceart da‑rìribh.
28“Gu cinnteach tha mi ag ràdh ruibh gum faigh duine mathanas airson a h‑uile peacadh agus toibheum, 29ach ma nì duine sam bith toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha bhi mathanas ann dha gu bràth, ach mairidh a chionta gu sìorraidh.” 30Thuirt Iosa seo a chionns gun robh iad ag ràdh gun robh droch spiorad ann.
Màthair is Bràithrean Iosa
31An sin thàinig màthair agus bràithrean Iosa. Sheas iad taobh a‑muigh an taighe, 's chuir iad fios ga iarraidh. 32Bha mòran dhaoine nan suidhe timcheall air, 's thuirt iad ris, “Seall, tha do mhàthair 's do bhràithrean a‑muigh, 's tha iad gad iarraidh.”
33Fhreagair esan, “Cò iad mo mhàthair agus mo bhràithrean?” 34Aʼ toirt sùil man cuairt air an fheadhainn a bha nan suidhe timcheall air, thuirt e, “Seo agaibh mo mhàthair agus mo bhràithrean. 35Oir duine sam bith a nì toil Dhè, is esan mo bhràthair agus mo phiuthar agus mo mhàthair.”

Chwazi Kounye ya:

Marcus 3: GLD

Pati Souliye

Pataje

Kopye

None

Ou vle gen souliye ou yo sere sou tout aparèy ou yo? Enskri oswa konekte