Marcus 4
4
Fear-cur an t‑Sìl
1Turas eile thòisich e air teagasg ri taobh an loch. Chruinnich urad a shluagh man cuairt air 's gum b'fheudar dha bàta a ghabhail agus suidhe innte air an loch, 's an sluagh cruinn air a' chladach.
2Bha e a' cleachdadh mòran shamhlaidhean gan teagasg 's thuirt e riu, 3“Eisdibh. Chaidh fear a‑mach a chur sìl, 4agus nuair a bha e ga chur, thuit cuid dheth air an rathad, 's thàinig na h‑eòin agus shluig iad e. 5Thuit cuid eile dheth air talamh creagach far nach robh mòran ùrach, agus dh'fhàs e suas an ùine ghoirid a chionns nach robh doimhneachd talmhainn aige. 6Nuair a dh'èirich a' ghrian, chaidh a losgadh, 's a chionns nach robh bun aige, shearg e ás. 7Thuit cuid eile a‑measg nan drisean, 's dh'fhàs na drisean agus thachd iad e, 's cha tàinig bàrr sam bith air. 8Thuit cuid eile air talamh math. Dh'fhàs e suas 's thàinig toradh air, a dheich-ar‑fhichead urad 's a thrì fichead urad 's a cheud urad.”
9'S thuirt e riu, “Ma tha cluasan agaibh gu èisdeachd, èisdibh.”
Adhbhar nan Samhlaidhean
10Nuair a dh'fhalbh an sluagh, chuir an fheadhainn a bha còmhla ris agus an dà fhear dheug ceistean air mu na samhlaidhean. 11Thuirt e riu, “Fhuair sibhse eòlas air nithean mu rìoghachd Dhè a bha falaichte thuige seo, ach dhan fheadhainn a tha an taobh a‑muigh tha gach nì air a chur ann an samhlaidhean, 12#Is 6.9-10gus am bi iad ‘a' coimhead 's a' coimhead 's gun iad a' faicinn, 's ag èisdeachd 's ag èisdeachd 's gun iad a' tuigsinn, air eagal gum feum iad tionndadh gu Dia agus mathanas fhaighinn’.”
An Samhladh air a Mhìneachadh
13Thuirt e riu, “An e nach eil sibh a' tuigsinn an t‑samhlaidh seo? Ciamar mar sin a thuigeas sibh na samhlaidhean uile? 14'Se facal Dhè an sìol a tha am fear seo a' cur. 15Seo mar a tha an fheadhainn far a bheil am facal ga chur air uachdar an rathaid: nuair a tha iad ga chluinntinn, tha an Sàtan a' tighinn sa mhionaid 's a' togail leis an fhacail a chaidh a chur annta. 16Seo mar a tha an fheadhainn far an do chuireadh an sìol air talamh creagach: nuair a chluinneas iadsan am facal, tha iad a' gabhail ris le aoibhneas. 17Ach a chionns nach eil freumh aca annta fhèin, chan eil iad a' seasamh ach ùine ghoirid, 's nuair a thig trioblaid agus sàrachadh air sgàth an fhacail, tha iad a' tuiteam. 18Tha cuid eile far an do chuireadh an sìol a‑measg nan drisean. Tha iad sin a' cluinntinn an fhacail, 19ach tha urad a chùram orra mu thimcheall na beatha seo, agus urad a thlachd aca ann an saoibhreas agus urad a shannt airson nithean eile, 's gu bheil na rudan sin uile a' tighinn a‑steach 's a' tachdadh an fhacail, 's chan eil toradh sam bith a' tighinn air. 20Ach seo mar a tha an fheadhainn far a bheil an sìol air a chur ann an talamh math: tha iadsan a' cluinntinn an fhacail 's ga ghabhail thuca fhèin, 's a' toirt a‑mach toraidh, a dheich-ar‑fhichead urad 's a thrì fichead urad 's a cheud urad.”
An Solas ga Fhalach
21Thuirt e riu, “Cò an duine a bheireadh a‑steach lampa 's a chuireadh i fo mhìs no fon leabaidh? Nach ann a chuireadh e air a' bhòrd i? 22Chan eil nì sam bith air fhalach ach gus a thoirt am follais, 's chan eil nì sam bith ga chur à sealladh nach bi air fhoillseachadh. 23Ma tha sibh toileach èisdeachd, èisdibh.”
24Thuirt e, “Thoiribh an aire dha na tha sibh a' cluinntinn. 'Sann a‑rèir an tomhais a bhios sibh a' cleachdadh a bheir Dia dhuibh fèin, agus tuilleadh a bharrachd air a sin. 25Am fear aig a bheil rud, gheibh e tuilleadh bho Dhia, ach am fear aig nach eil, caillidh e am beagan a th'aige.”
An Sìol a' Fàs
26Thuirt e, “Seo mar a tha rìoghachd Dhè. Tha i mar gun sgapadh fear sìol air an talamh, 27's fhad 's a bhios esan a' cadal san oidhche 's ag èirigh san là, tha an sìol a' beothachadh 's a' fàs, 's gun fhios aige ciamar. 28Tha an talamh a' cur bàrr dheth leis fhèin, an toiseach am fochann, an‑uairsin an dias, 's an‑uairsin an t‑arbhar làn-abaich anns an dèis. 29#Ioel 3.13Ach cho luath 's a tha am bàrr abaich, tha e ga bhuain leis a' chorran, oir tha am foghar air tighinn.”
Gràinne a Shìol Mustard
30Thuirt e a‑rithist, “Cò ris a chanas sinn a tha rìoghachd Dhè coltach, no dè an dealbh a nì sinn oirre? 31Tha i coltach ri gràinne a shìol mustard. Chan eil sìol air thalamh cho beag ris an t‑sìol seo nuair a thathar ga chur. 32Ach an‑uairsin tha e a' fàs nas àirde na preas sam bith 's a' cur a‑mach gheugan a tha cho mòr 's gum faod eòin an adhair neadachadh fodha.”
33Bha e a' cur an cèill an fhacail dhaibh le iomadh samhladh dhen t‑seòrsa seo, a‑rèir 's mar a b'urrainn dhaibh a ghabhail a‑steach. 34Cha robh e a' bruidhinn riu uair sam bith as aonais samhlaidh. Ach nuair a bhiodh e‑fhèin 's a dheisciobail leo fhèin, bhiodh e a' mìneachadh a h‑uile nì dhaibh.
Stoirm air a Casg
35An là sin fhèin, nuair a thàinig am feasgar, thuirt e riu, “Rachamaid a‑null chun an taobh eile.” 36Dh'fhàg iad an sluagh 's thug iad leo e, mar a bha e, anns a' bhàta, 's bha bàtaichean eile ann cuideachd. 37Thàinig sgal gharbh air a' ghaoith, 's bha am bàta gu bhith làn leis mar a bha na tuinn a' sadadh a‑steach innte. 38Bha Iosa na chadal san deireadh 's a cheann air cluasaig. Thug iad air dùsgadh, 's thuirt iad ris, “A Mhaighistir, a bheil thu coma gu bheil sinn gu bhith bàithte?”
39Dhùisg esan, 's chuir e casg air a' ghaoith, 's thuirt e ris na tuinn, “Bithibh sàmhach, 's bithibh aig fois.” Shìolaidh a' ghaoth, 's thàinig fèath mhòr. 40Thuirt e riusan, “Carson a tha a leithid a dh'eagal oirbh? An e nach eil sibh fhathast a' creidsinn?” 41Thàinig fìor eagal orra an‑uairsin, 's thuirt iad ri cach-a‑chèile, “Dè an seòrsa duine a tha seo, nuair a tha a' ghaoth 's na tuinn fhèin a' toirt feairt air?”
Chwazi Kounye ya:
Marcus 4: GLD
Pati Souliye
Pataje
Kopye
Ou vle gen souliye ou yo sere sou tout aparèy ou yo? Enskri oswa konekte
© Scottish Bible Society 1986, 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017