Akara Njirimara YouVersion
Akara Eji Eme Ọchịchọ

N. Matu 13

13
XIII. CAIB.
Dubhfhacal an fhir-chuir, a choguill, ʼsa ghrainne mhustaird.
1Air an latha sin fhein chaidh Iosa mach as an tigh, agus shuidh e ri taobh na mara.
2Us thionail moran sluaigh ga ionnsuidh, air chor ʼs gun deach e stigh do bhàta, ʼs gun do shuidh e; ach sheas an sluagh uile air a chladach.
3Us labhair e moran nichean riu ann an dubhfhacail, a g-radh: Seall, chaidh fear-cuir a mach a chur.
4ʼS nuair a bha e cur, thuit cuid ri oir an rathaid; us thainig ianlaith an athair, agus dhʼith iad e.
5Us thuit cuid eile air talamh creagach, far nach robh moran ùire aige; agus ghrad-dhʼfhas e suas, bhrigh nach robh doimhneachd thalmhuinn aige:
6ʼS air eirigh doʼn ghrein loisg e, ʼs bho nach robh friamh aige, shearg e as.
7Agus thuit cuid eile am measg dhrisean; us dhʼfhas na drisean, agus thachd iad e.
8Agus thuit cuid eile air talamh math, us thug e mach toradh, cuid ciad fillte, cuid tri fichead, agus cuid deich thar fhichead.
9Am fear aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e.
10Us thainig na deisciopuil ga ionnsuidh, us thuirt iad ris: Car-son a tha thu labhairt ann an dubhfhacail riu?
11ʼSa freagairt thuirt e riu: A chionn gun tugadh dhuibhse eolas air ruin-dhiomhair rioghachd neamh: ach cha tugadh sin dhaibhse.
12Oir an neach aig a bheil, dhasan bheirear, agus bithidh lan-phailteas aige: ach an neach aig nach eil, bheirear bhuaithse fiu na thʼaige.
13ʼSann air son sin tha mi labhairt ann an dubhfhacail riu: chionn a faicinn nach leir dhaibh, ʼsa cluinntinn nach cluinn iad ʼs nach tuig iad.
14Us tha faisneachd Isaiais air a coimhlionadh unnta, a g-radh: Le claisneachd cluinnidh sibh, agus cha tuig sibh; agus le fradharc chi sibh, agus cha leir dhuibh.
15 Oir tha cridhe a phobuill so air fàs marbhanta, ʼs an cluasan mall gu eisdeachd, agus dhuin iad an suilean: eagal uair sam bith gum faiceadh iad leʼn suilean, agus gun cluinneadh iad leʼn cluasan, ʼs gun tuigeadh iad leʼn cridhe, agus gum biodh iad air an iompachadh, ʼs gun leighisinn iad.
16Ach is beannaichte ur suilean-sa, a chionn gum beil iad a faicinn, agus ur cluasan a chionn gum beil iad a cluinntinn.
17Oir gu firinneach tha mi g-radh ribh, gur ioma faidh agus ionracan a bha an geall air na nichean fhaicinn, tha sibhse faicinn, agus cha n-fhac iad iad; agus na nichean a chluinntinn, tha sibhse cluinntinn, agus cha chual iad iad.
18Cluinnibhse ma ta dubh-fhacal an fhir-chuir.
19Gach neach a dhʼeisdeas ri facal na rioghachd gun a thuigsinn, thig an droch-fhear agus sgobaidh e air falbh an ni a chuireadh ʼna chridhe: se so esan a chaidh a chur ri oir an rathaid.
20Ach esan a chuireadh air talamh creagach, se so esan a chluinneas am facal, ʼsa ghlacas e san uair le aoibhneas:
21Ach cha n-eil friamh aige ann fhein ach car tamuill, oir nuair thig trioblaid agus geur-leanmhuinn air son an fhacail, air ball gabhaidh e sgainneal.
22Esan mar an ciadna a chuireadh am measg dhrisean, se so esan a chluinneas am facal; ach tha ro-churam an t-saoghail so agus mealltaireachd beartais a tachdadh an fhacail, ʼs ga fhagail gun toradh.
23Ach esan a chuireadh air talamh math, se so esan a chluinneas am facal, ʼsa thuigeas e, ʼsa bheir a mach toradh, cuid gu dearbh ciad fìllte, cuid tri fichead, agus cuid deich thar fhichead,
24Thug e dubhfhacal eile dhaibh, a g-radh: Tha rioghachd fhlathanais coltach ri duine a chuir deagh shiol ʼna achadh.
25Ach nuair a bha daoine ʼnan cadal, thainig a namhaid, ʼs chuir e cogull am measg a chruithneachd, us dhʼfhalbh e.
26Ach nuair a dhʼfhàs an dias, ʼsa thug e toradh a mach, an sin nochd an cogull e fhein cuideachd.
27An sin thainig seirbhisich fear-an-tighe ga ionnsuidh, agus thuirt iad: A thighearna, nach do chuir thu siol math na tʼachadh? Co as ma ta tha an cogull?
28Us thuirt e riu: Rinn namhaid so. Ach thuirt na seirbhisich ris: An e do thoil sinn a dhol ʼs a thional?
29Us thuirt e riu: Cha n-e, eagal ma dhʼfhaoidte a trusadh a choguill gun spion sibh an cruithneachd comhla ris.
30Leigibh leo le cheile fàs gu faghar, ʼs an àm an fhaghair their mi ris na buanaichean: Trusaibh an toiseach an cogull, agus ceanglaibh e ʼna sguaban gus a losgadh, ach tionailibh an cruithneachd gu mʼ shabhal.
31Thug e dubhfhacal eile dhaibh, a g-radh: Tha rioghachd fhlathanais coltach ri grainnein mustaird, a ghabh duine ʼsa chuir e ʼna achadh.
32Deʼn h-uile frois gun ag si so is meanbha; ach nuair a dhʼfhasas i, si is mua de na luibhean uile, agus cinnidh i ʼna craoibh, air sheol ʼs gun tig ianlaith an athair, ʼs gun gabh iad tamh ʼna giagan.
33Labhair e dubhfhacal eile riu. Tha rioghachd fhlathanais coltach ri taois-ghoirt, a ghabh boirionnach ʼsa dhʼfhalaich i an tri toimhsean mine, gus na ghoirtich an t-iomlan.
34Labhair Iosa so uile ann an dubhfhacail ris an t-sluagh: ʼs gun dubhfhacal cha do labhair e riu:
35Gus an coimhlionteadh na thuirt am faidh, a g-radh: Ann an dubhfhacail fosglaidh mi mo bhial agus cuiridh mi an céill nichean a bha falaichte bho steidheachadh an t-saoghail.
36An sin, air dha an sluagh a chur air falbh, thainig e stigh doʼn tigh; agus thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, a g-radh: Minich dhuinn dubhfhacal cogull an achaidh.
37Us fhreagair esan us thuirt e riu: Am fear tha cur an t-sil mhath se Mac an duine e.
38Se an saoghal an t-achadh. Ach se an siol math clann na rioghachd, agus se an cogull clann an droch-fhir.
39Ach an namhaid a chuir e, se an deomhan. Se am faghar deireadh an t-saoghail. Agus ʼsiad na h-ainglean na buanaichean.
40Mar a thathas a cruinneachadh a choguill ma ta, ʼs ga losgadh le teine, ʼsann mar sin a thachras aig deireadh an t-saoghail:
41Cuiridh Mac an duine a chuid ainglean, us tionailidh iad as a rioghachd a h-uile sgainneal, agus iadsan a tha dianamh an uilc;
42Us tilgidh iad iad anns an àmhuinn theine: An sin bithidh gal agus giosgan fhiacal.
43An sin soillsichidh na daoine matha mar a ghrian ann an rioghachd an Athar. An neach aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e.
44Tha rioghachd fhlathanais coltach ri ulaidh air a falach ann an achadh: ʼs an duine, a fhuair i, dhʼfhalaich e i, ʼs le miad a shòlais dhʼ fhalbh e, agus reic e na bhʼ aige gu leir, agus cheannaich e an t-achadh sin.
45A rithist tha rioghachd fhlathanais coltach ri ceannaiche, a tha sireadh leugan priseil.
46ʼS air dha aona leug phriseil fhaighinn dhʼfhalbh e, us reic e gach ni a bhʼaige, agus cheanaich e i.
47A rithist tha rioghachd fhlathanais coltach ri lion air a thilgeadh san fhairge, agus a chruinnich a h-uile seorsa de dhʼiasg.
48ʼS nuair bha e lan, ga tharruing gu tir, ʼsa suidhe air a chladach, chuir iad an t-iasg math air leth an soithichean, ach thilg iad mach an droch iasg.
49ʼSann mar so a thachras aig deireadh an t-saoghail: theid na h-ainglean a mach, agus tearbaidh iad na droch dhaoine á miadhon nan ionracan,
50Agus tilgidh iad san àmhuinn theine iad: an sin bithidh caoidh agus giosgan fhiacal.
51Na thuig sibh na nichean so uile? Thuirt iad ris Thuig.
52An sin thuirt e riu: Mar sin tha h-uile sgriobhach ionnsuichte ann an rioghachd fhlathanais coltach ri fear-tighe, a bheir a mach as ionmhas nichean ùra agus sean.
53Agus thachair an deigh do Iosa na dubhfhacail so chriochnachadh, gun dʼfhalbh e as a sin.
54ʼSa tighinn gu dhuthaich fhein, theagaisg e iad ʼnan sinagogan, air chor ʼs gun do ghabh iad ioghnadh, ʼs gun tuirt iad: Co as a fhuair an duine so an gliocas, ʼs na feartan so?
55Nach e so mac an t-saoir? Nach e ainm a mhathar Moire; ʼs a bhraithrean, Seumas, agus Ioseph, agus Simon, agus Iudas?
56Agus nach eil a pheathraichean uile maille ruinn? Co as ma ta tha iad so uile aig an duine so?
57Us ghabh iad sgainneal ga thaobh. Ach thuirt Iosa riu: Cha n-eil faidh gun onair ach ʼna dhuthaich fhein, ʼs ʼna thigh fhein.
58Agus cha dʼrinn e moran mhiarailtean an sin as leth am mi-chreidimh.

Nke Ahọpụtara Ugbu A:

N. Matu 13: MacETN

Mee ka ọ bụrụ isi

Kesaa

Mapịa

None

Ịchọrọ ka echekwaara gị ihe ndị gasị ị mere ka ha pụta ìhè ná ngwaọrụ gị niile? Debanye aha gị ma ọ bụ mee mbanye