Laoidhean 15
15
LAOIDH 15
Ecles. 9.4,5,6,10
1'Se nis an t‑à m bhi réidh ri Dia;
'S e nis an t‑à m thòirt géill do'n Triath;
Am feadh a mhaireas là nan grà s;
Feudaidh gach neach dol as o'n bhà s.
2'S i so an uair a sheachnadh truaigh',
'S a thabhairt nèimh a mach le buaidh;
So cothrom à igh, ta dian‑dhol seach,
Deanar deadh bhuil dheth leis gach neach.
3Is fios do'n bheò gu faigh e bà s
Air dìchuimhn' tha gach marbh an trà s:
An cuimhne dh'fhalbh, is dh'fhalbh an ainm,
Cha‑n aithnich'r iad, 's cha'n aithne dhoibh.
4Theirig an grà dh, is sguir am fuath,
'S tha'm farmad sìnte leo san uaigh;
Cha‑n eòl doibh ni sam bith fo'n ghréin;
An saothair sguir maraon riu féin.
5Dean dìchioll uime sin 'n a thrà th,
Crioch a chur air saothair do là mh:
Oir saothair, seòl, no obair ghlic,
Cha deanar leat gu brà th fo 'n lic.
6San uaigh, do'm bheil sinn uile triall,
Maith'neas cha'n fhaigh, 's cha d'fhuaradh riamh;
Gun chaochla' bithidh cor gach neach
Gu à m d'a bhinne teachd a mach.
Zvasarudzwa nguva ino
Laoidhean 15: LSN1987
Sarudza vhesi
Pakurirana nevamwe
Sarudza zvinyorwa izvi

Unoda kuti zviratidziro zvako zvichengetedzwe pamidziyo yako yose? Nyoresa kana kuti pinda
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017