Mufananidzo weYouVersion
Mucherechedzo Wekutsvaka

Laoidhean 22

22
LAOIDH 22
Isaiah 40.27-31
1C'arson a dhòirtear leat a mach
do chaoidh, gun dùil ri iochd?
Ceart mar nach tugadh Dia fa' near
cùis neach air bith d'a shliochd.
2Esan a chruthaich talamh 's nèamh,
am bheil a thearmunn gann?
No 'm feud an làmh a dhealbh gach ni
fàs sgìth gu bràth no fann?
3Maith, glic, is uile‑chumhachdach,
tha 'n Triath a ta 'g ar dìon;
A shlighe ged nach léir do neach,
is ceart e anns gach gnìomh.
4'S mòr fàth ar misnich, uime sin,
fo cheannsal Dhia nan sluagh;
Do'n fhìrean lag bheir esan neart,
's do'n anmhunn bheir e buaidh.
5Caillidh na daoine sean an treòir,
's an òigridh féin an lùth;
Ach mheud 's a dh'fheith ri Dia nan gràs,
tha slàinte dhoibhsan dlùth.
6Le cosaibh lùthar siubhlaidh iad
's an t‑slighe dh'ionnsuidh glòir';
'S fàsaidh an neart mar thriallas iad,
'n an giùlan diadhaidh còir.
7Air sgiathaibh creidimh éiridh iad,
mar iolar luath nan speur,
Os ceann an t‑aaoghail dhorcha so,
gu Dìa 'an àirde nèimh.

Zvasarudzwa nguva ino

Laoidhean 22: LSN1987

Sarudza vhesi

Pakurirana nevamwe

Sarudza zvinyorwa izvi

None

Unoda kuti zviratidziro zvako zvichengetedzwe pamidziyo yako yose? Nyoresa kana kuti pinda