Laoidhean 25
25
LAOIDH 25
Isaiah 53
1Cia tearc an dream, le creidimh beò
a ghabhas eòlas uainn;
No mhothaicheas o'm fiosrach féin,
mòr‑chumhachd Dhé nan sluagh?
2Tha IOSA teachd! gun ghreadhnachas,
a dh'fhoillseachadh cia dlùth;
Oir àille thalmhaidh air cha bhi,
no bheag do ioghnadh shùl.
3Mar chinneas ann am fàsach fhaoin
luibh mhaoth, gun chùram sluaigh,
Mar sin, 's an t‑saoghal aingidh so,
dh'fhàs Criosd fo ainneart suas.
4Fo dhìmeas is fo tharcuis dhaoin',
feuch fear an àmhghair thruaigh!
Is bròn a' leantuinn ris gun chlos,
an taobh a bhos do'n uaigh.
5Ach cha b'e féin, ach sinne thoill
gach cràdh a rinn a leòn;
Oir, neochiontach sheas e 'nar riochd
's gu h‑iochdmhor ghabh ar bròn.
6Gidheadh mar dhroch dhuin' mheasadh e,
's mar fhògarach o ghràs:
Tràth dhòirt e 'fhuil air son an t‑sluaigh,
fo osnaidh chruaidh a' bhàis.
7Le 'naomh‑fhuil nigh e dhinn gu glan,
ar truaillidheachd 's ar lochd;
Leighis a chreuchdan, 's shaor a bhàs
gu bràth ar n‑an'ma bochd.
8Chaidh daoine dall is ceannairceach
air seachran trua', mar threud;
Ach ghiulain Criosd ar n‑eusaontas,
is dhìol ar n‑uile bheud.
9Fo bhuillibh trom' ar smachdachaidh,
feuch giulan caomh Mhic Dhé!
Mar uan a' chasgraidh, 's amhluidh sin,
cha d'fhosgail e a bheul.
10A neo‑chionta cò dh 'fhoillsicheas!
's e 'n cuibhreach chruaidh an sàs?
Feuch dhìteadh e le samhladh reachd,
is thugadh seach gu bàs.
11Le peacaich luidh e sìos san dus,
na beartaich thug dha uaigh;
Mar chaith e 'bheatha, chriochnaich e,
gun chiont', air meud a thruaigh',
12Mar so ge d' bhruthadh e le Dia,
dh'éirich ar Triath a rìs.
Oir ìobairt iomlan aoin Mhic féin
dhiol ceartas Dé gu sìor:
13Oir, arsa Dia, làn‑shoirbhichidh
mo thlachd 'n a làimh gun cheisd;
Bidh 'ghineal lìonmhor feadh gach linn,
's bidh inbhe mòr am feasd.
14Bidh 'anam ait tràth dhearcas e
air toradh pailt a phéin;
Is bheir na slòigh a shlànuich e,
cliu sìor d'an Slàn'ear treun.
15Roinnidh e chreach le laochraibh treun';
's do'n eug bheir gach aon nàmh;
Le ciontaich ge d' luidh e san uaigh,
dh'éirich le buaidh an àird.
16Dh'fhuiling e dhìolaidh cionta dhaoin'
a dh'fhaotainn sìth' d'a shluagh;
'S mar charaid sior‑bheò nis air nèamh,
tagraidh e 'n cùis gach uair.
Zvasarudzwa nguva ino
Laoidhean 25: LSN1987
Sarudza vhesi
Pakurirana nevamwe
Sarudza zvinyorwa izvi
Unoda kuti zviratidziro zvako zvichengetedzwe pamidziyo yako yose? Nyoresa kana kuti pinda
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017