Laoidhean 35
35
LAOIDH 35
Mat. 26.26-29
1San oidhche san do bhrathadh Ìos',
'S e rèidh gu bheatha leigeil sìos,
Ghlac esan aran, 's bheannaich e,
Toirt buidheachais do Rìgh nan nèamh.
2'N sin thubhairt e ri chàirdean gaoil,
('S e briseadh 'n t‑samhlaidh sin air fheòil,)
Glacaibh 's ithibh; uaith seo gu bràth,
Air chuimhne gleidhibh latha mo bhàis.
3Ghlac e an cupan fòs na làimh.
Is thog e rithist a ghuth an‑àird,
Tràth labhair e le briathran sìth,
Is teas‑ghràdh lasadh suas na chridh:
4M' fhuil, amhail seo, bheir mise seach,
Mar èirig anm' airson gach neach;
Seo seula cùmhnaint slàint is gràis,
Cruaidh‑naisgte leamsa ann am bhàs.
5Làn luchdaichte le gràdh do dhaoin,
Tha 'n cupan seo, 's an ìocshlàint saor;
Gabhaibh dheth uile, 's bithibh beò;
Bibh cuimhneach orms thug suas an deò.
Air sheòl eile
6 San oidhch' an d'éirich gach aon nàmh,
an aghaidh Slànuighear dhaoin',
Ghlac e, 's e réidh gu dol gu bàs,
aran 'na làmhaibh naomh'.
7 'S air toirt da buidheachais do Dhia,
tha riaghlaidh talamh 's nèimh.
An t‑aran bhris, mar shamhl' air fheòil,
is thuirt gu fòil r'a threud;
8 Mo chorp‑sa briste, amhuil so,
feuch bheir mi dhuibh gu saor;
Oir air 'ur sonsa bhriseadh e,
's air son a' chinne‑daoin'.
9 Glacaibh is ithibh, uime sin,
is cuimhnichibh mo bhàs,
Gach uair a ni sibh 'n obair cheudn'
'na dhéigh so, gu là bhràth.
10 Ghlac e an sin 'n a làimh an cup',
's thug buidheachas faraon,
Bha 'chridhe laiste le teas ghràdh,
shruth slàint' o 'bhilibh caoin.
11 Feuch amhuil so bheir mise m'fhuil,
gu'r teàrn' o ghuin a' bhàis;
Gabhadh gach neach; tha 'n iocshlaint saor
do gach uil' aon le'n àill.
12 Air feadh gach linn sìor‑chuimhnichibh,
mòr‑shaoibhreas m'iochd 's mo ghràis,
So seul a' chùmhnaint ni mi ruibh,
is cuimhneachan mo bhàis.
Zvasarudzwa nguva ino
Laoidhean 35: LSN1987
Sarudza vhesi
Pakurirana nevamwe
Sarudza zvinyorwa izvi
Unoda kuti zviratidziro zvako zvichengetedzwe pamidziyo yako yose? Nyoresa kana kuti pinda
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017