Mufananidzo weYouVersion
Mucherechedzo Wekutsvaka

Laoidhean 40

40
LAOIDH 40
Luc. 15.13-25
1Le misg is mi‑bheus 'nuair a chaith
an struidhear truagh a mhaoin,
'S e 'g iarraidh lòin am measg nam muc,
do phlaosgaibh falamh faoin'.
2Ged bhàsaichinn thuirt e, le gort',
am' fearann coigreach céin,
An teaghlach m'athar gheibh gach tràill
na 's aill le 'chridhe féin.
3Nis pillidh, 's tuitidh mi a sìos
an làthair m' Athar chaoimh;
Och! pheacaich is cha'n airidh mi,
air d'iochd‑sa no iochd nèimh.
4Ag ràdh so, gu tigh 'Athar phill,
le inntinn thuirseach throm;
Tràth chunnaic 'athair e fad as,
las tlus is iochd 'na chom.
5Ghrad‑ruith 'n a chòdhail, 's thug e pòg,
le furan mòr d'a mhac;
Is b' aithreach leis an struidhear thruagh
gu'n d'thug e fuath d'a smachd.
6Och! pheacaich, is cha'n airidh mi,
air d'iochd‑sa no iochd nèimh;
Dean mi a'm' sheirbhiseach a mhàin.
O Athair chàirdeil chaoimh!
7Thugaibh a mach, ars' 'Athair ait,
a' chulaidh thaghta dha;
'S gach iochd is urram dìolamaid
do'n iompachan gun dàil:
8Oir bha e marbh, is tha e beò;
caillte, 's fadheòidh air sgeul;
Biodh gairdeachas oirnn uime sin,
's biodh so 'na làtha féill'.
9Mar sin bidh gairdeachas air nèamh
tràth theàrnar peacach baoth;
Le pilleadh dha le h‑aithreachas
gu 'Athair iochdmhor caomh.

Zvasarudzwa nguva ino

Laoidhean 40: LSN1987

Sarudza vhesi

Pakurirana nevamwe

Sarudza zvinyorwa izvi

None

Unoda kuti zviratidziro zvako zvichengetedzwe pamidziyo yako yose? Nyoresa kana kuti pinda