1
Genesis 4:7
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Ma nì thu gu math, nach gabhar riut? Agus mura dèan thu gu math, aig an doras tha peacadh na laighe. Agus riutsa bidh a thogradh, agus bidh uachdaranachd agad air.
Yenzanisa
Ongorora {{vhesi}}
2
Genesis 4:26
Agus do Shet fhèin mar an ceudna rugadh mac; agus thug e Enos mar ainm air: an sin thòisich daoine ri gairm air ainm an Tighearna.
3
Genesis 4:9
Agus thubhairt an Tighearna ri Càin, Càit a bheil Abel do bhràthair? Agus thubhairt esan, Chan eil fhios agam. Am mise fear-gleidhidh mo bhràthar?
4
Genesis 4:10
Agus thubhairt esan, Ciod a rinn thu? Tha guth fuil do bhràthar ag èigheach riumsa on talamh.
5
Genesis 4:15
Agus thubhairt an Tighearna ris, Uime sin ge bè air bith a mharbhas Càin, nìthear a sheachd uiread de dhìoghaltas air. Agus chuir an Tighearna comharradh air Càin, a‑chum ge bè neach a gheibheadh e nach marbhadh e e.
Pekutangira
Bhaibheri
Zvirongwa
Mavideo