Mufananidzo weYouVersion
Mucherechedzo Wekutsvaka

Marcus 2

2
Crioplach air a Leigheas
1Beagan làithean an dèidh sin, nuair a thill e a Chapernàum, chaidh an naidheachd ma sgaoil gun robh e aig an taigh. 2Chruinnich urad a dhaoine 's nach robh àite ann dhan chòrr, fiù 's man doras. Nuair a bha e a' toirt dhaibh a theachdaireachd, 3siod feadhainn a' tighinn thuige le crioplach agus ceathrar ga ghiùlan. 4A chionns nach b'urrainn dhaibh Iosa a ruighinn leis cho dùmhail 's a bha an sluagh, dh'fhosgail iad mullach an taighe os a chionn, 's nuair a rinn iad toll, leig iad sìos an leabaidh air an robh an crioplach na laighe. 5Nuair a chunnaic Iosa cho làidir 's a bha an creideamh, thuirt e ris a' chrioplach, “A mhic, tha do pheacaidhean air am mathadh.”
6A‑nis, bha feadhainn dhe na sgrìobhaichean nan suidhe ann an siod 's ag ràdh riu fhèin, 7“Dè 's ciall dhan fhear seo a bhith a' bruidhinn mar seo? 'Se toibheum a th'aige! Cò as urrainn peacaidhean a mhathadh ach Dia a‑mhàin?”
8Anns a' mhionaid, dh'aithnich Iosa na spiorad fhèin dè bha iad a' smaoineachadh, 's thuirt e riu, “Carson a tha na beachdan sin agaibh? 9Bheil e nas fhasa a ràdh ris a' chrioplach seo, ‘Tha do pheacaidhean air am mathadh’ na tha e a ràdh, ‘Eirich, tog leat do leabaidh agus coisich’? 10Dearbhaidh mise dhuibh gu bheil ùghdarras aig Mac an Duine peacaidhean a mhathadh air an talamh. 11Eirich air do chasan,” ars esan an‑uairsin ris a' chrioplach, “tog do leabaidh 's bi a' falbh dhachaigh.”
12Dh'èirich e anns a' bhad, thog e an leabaidh, 's choisich e a‑mach an sealladh an t‑sluaigh uile. Chuir seo ioghnadh anabarrach orra, 's thug iad moladh do Dhia, ag ràdh, “Chan fhaca sinn a leithid seo riamh.”
Iosa a' Gairm Lèbhi
13Turas eile chaidh e a‑mach ri taobh an loch. Bha mòran dhaoine a' tighinn thuige gun sgur, 's bha esan gan teagasg. 14Nuair a bha e a' gabhail an rathaid, chunnaic e Lèbhi mac Alphèuis na shuidhe anns an taigh-chusbainn. Thuirt e ris, “Thig còmhla riumsa.” Dh'èirich esan 's dh'fhalbh e còmhla ris.
15Nuair a bha Iosa 's a dheisciobail a' gabhail bìdh ann an taigh Lèbhi, bha mòran a luchd-cìse agus a “pheacaich” eile ag ithe còmhla riu, oir bha mòran ga leantainn. 16Nuair a chunnaic sgrìobhaichean nam Pharasach gun robh e a' gabhail bìdh còmhla ri peacaich agus luchd-cìse, thuirt iad ri a dheisdobail, “Carson a tha e ag ithe còmhla ri luchd-cìse agus ri peacaich?”
17Chuala Iosa seo, agus thuirt e riu, “Chan e an fheadhainn a tha slàn a tha a' cur feum air an dotair, ach an fheadhainn a tha tinn. Cha tàinig mise a thoirt cuiridh dha na fìrein, ach dha na peacaich.”
Deasbad mu Thrasgadh
18Bha deisciobail Eòin agus na Pharasaich aig an àm ud a' trasgadh. Thàinig daoine gu Iosa 's thuirt iad ris, “Carson a tha deisciobail Eòin agus deisciobail nam Pharasach a' trasgadh, 's nach eil na deisciobail agadsa?”
19Thuirt Iosa riu, “'S cinnteach nach urrainn dha na fleasgaich a tha a' cuideachadh fear-na‑bainnse trasgadh nuair a tha esan còmhla riu? Fhad 's a tha fear-na‑bainnse còmhla riu, chan urrainn dhaibh trasgadh. 20Ach thig an t‑àm nuair a bhios fear-na‑bainnse air a thoirt bhuapa, agus traisgidh iad an‑uairsin.
21“Cha chàirich duine sam bith toll air seann aodach le brèid ùr nodha. Ma nì e sin, tarraingidh am brèid ùr an seann aodach, 's bidh an toll nas mò buileach. 22'S cha chuir neach sam bith fìon ùr ann an seann bhotaill-chraicinn. Ma nì e sin, sracaidh am fìon na craicinn, 's thèid an dà chuid am fìon 's na craicinn a dholaidh. Feumaidh fìon ùr craicinn ùra.”
Deasbad man t‑Sàbaid
23 # Deut 23.25 Aon là Sàbaid, bha e‑fhèin 's a dheisciobail a' dol troimh achaidhean arbhair, 's thòisich a dheisciobail air diasan a spìonadh san dol seachad. 24Thuirt na Pharasaich ris, “Seall seo! Carson a tha iad a' dèanamh rud nach eil an Lagh a' ceadachadh air an t‑Sàbaid?”
25 # 1 Sam 21.1-6 Thuirt esan riu, “Nach do leugh sibh riamh mar a rinn Dàibhidh 's a chompanaich nuair a bha iad nan èiginn leis an acras? 26#Lebh 24.9Ghabh e a‑steach a thaigh Dhè nuair a bha Abiàtar na àrd-shagart, 's dh'ith e Aran na Fianais nach fhaod duine sam bith ithe ach na sagairt a‑mhàin, 's thug e cuid dheth dhan fheadhainn a bha còmhla ris.”
27Thuirt e riu, “'Sann air sgàth an duine a rinneadh an t‑Sàbaid, 's chan ann air sgàth na Sàbaid a rinneadh an duine. 28Mar sin tha an t‑Sàbaid, mar gach nì eile, fo riaghladh Mhic an Duine.”

Zvasarudzwa nguva ino

Marcus 2: GLD

Sarudza vhesi

Pakurirana nevamwe

Sarudza zvinyorwa izvi

None

Unoda kuti zviratidziro zvako zvichengetedzwe pamidziyo yako yose? Nyoresa kana kuti pinda