Marcus 1
1
Eòin Baist a' Searmonachadh
1Seo mar a tha an Deagh Sgeul mu Iosa Crìosd, Mac Dhè, a' tòiseachadh. 2#Mal 3.1Tha e air a sgrìobhadh ann an leabhar Isaiah am fàidh:
“Seall, seo agad am fear a tha mi a' cur air thoiseach ort,
agus nì e an rathad rèidh romhad.
3 #
Is 40.3
Tha e a' glaodhaich anns an fhàsach,
‘Cuiribh slighe an Tighearna air dòigh,
dèanaibh an rathad dìreach air a shon’.”
4Bha Eòin a' baisteadh anns an fhàsach 's ag ràdh, “Dèanaibh aithreachas agus bithibh air bhur baisteadh, is bheir Dia mathanas dhuibh.” 5Chaidh a h‑uile duine ann an Iudèa 's ann an Ierusalem a‑mach far an robh e; bha iad ag aideachadh am peacaidhean 's bha esan gam baisteadh ann an abhainn Iòrdain.
6 #
2 Rìgh 1.8
Cha robh dh'aodach air Eòin ach craiceann càmhail le bann leathair ma mheadhon, agus 'se am biadh a bh'aige lòcaist agus mil fhiadhaich. 7Seo mar a thubhairt e: “Tha fear a' tighinn ás mo dhèidh a tha nas cumhachdaiche na mise. Chan eil mise airidh air cromadh gu barriall a bhrògan fhosgladh. 8Bhaist mise sibh le uisge, ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.”
Baisteadh is Buaireadh Iosa
9Man àm sin, thàinig Iosa bho Nàsaret an Galile, agus bhaist Eòin e ann an abhainn Iòrdain. 10Cho luath 's a thàinig e a‑mach ás an uisge, chunnaic e na speuran a' fosgladh agus an Spiorad a' laighe air mar chalman. 11#Gen 22.2; Salm 2.7; Is 42.1Thàinig guth bho nèamh an‑uairsin, ag ràdh, “'S tu Mac mo ghràidh agus 's mòr an toileachadh a tha thu a' toirt dhomh.”
12Agus anns a' bhad, rinn an Spiorad a ruagadh a‑mach dhan fhàsach. 13Bha e ann an sin ga fheuchainn aig an t‑Sàtan fad dà fhichead là. Cha robh còmhla ris ach beathaichean fiadhaich, ach bha na h‑ainglean a' frithealadh dha.
Iosa a' Gairm nan Iasgairean
14Nuair a chuir iad Eòin sa phrìosan, thàinig Iosa a Ghalile ag innse dhaibh mu Dheagh Sgeul Dhè. 15Thuirt e, “Seo a‑nis an t‑àm, tha rìoghachd Dhè air tighinn dlùth. Dèanaibh aithreachas, agus creidibh an Deagh Sgeul.”
16Aʼ dol seachad ri taobh Loch Ghalile, chunnaic e Sìmon agus Anndra a bhràthair a' cur lìon anns an loch, oir 'se iasgairean a bh'annta. 17Thuirt e riu, “Thigibh còmhla riumsa, agus ionnsaichidh mise dhuibh daoine a ghlacadh 's chan e iasg.” 18Dh'fhàg iad na linn sa mhionaid, agus dh'fhalbh iad còmhla ris.
19Nuair a chaidh e beagan na b'fhaide, chunnaic e Seumas mac Shebede agus Eòin a bhràthair a' càradh an cuid lìon sa bhàta. 20Dh'eubh e riusan cuideachd. Dh'fhàg iad an athair Sebede sa bhàta còmhla ris an sgioba is thog iad orra ás a dhèidh.
Duine le Droch Spiorad
21Ghabh iad a‑steach a Chapernàum. Air an ath Shàbaid, chaidh Iosa dhan t‑sionagog agus thòisich e air teagasg. 22Chuir e ioghnadh anabarrach air an t‑sluagh nuair a chuala iad e, oir bha ùghdarras na theagasg nach robh idir aig na sgrìobhaichean.
23Dh'èirich am fear a bha seo, 's e fo bhuaidh droch spioraid, agus leig e eubh ás: 24“Dè an gnothach a th'agadsa ruinne, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu a chur ás dhuinn? 'S math as aithne dhomh cò thu — duine naomh Dhè.”
25Thug Iosa òrdugh teann dhan droch spiorad, 's thuirt e ris, “Bi thusa sàmhach, 's thig a‑mach ás.”
26Siod an spiorad ga riasladh, 's a' falbh ás le sgriach. 27Chuir seo ioghnadh eagalach air na bh'ann, 's bha iad a' faighneachd de chach-a‑chèile, “Dè tha seo? Teagasg ùr dha-rìribh, agus cumhachd còmhla ris! Tha e a' toirt òrdugh dha na droch spioradan fhèin 's tha iad a' toirt feairt air!”
28Sgaoil a chliù fad is farsaing air feadh Ghalile.
Iosa a' Leigheas
29An‑uairsin, cho luath 's a thàinig iad a‑mach ás an t‑sionagog, chaidh iad dhan taigh aig Sìmon is Anndra, 's bha Seumas is Eòin còmhla riu. 30Bha màthair-chèile Shìmoin na laighe le fiabhras, 's chaidh innse do dh'Iosa ma deidhinn. 31Thàinig e far an robh i, rug e air làimh oirre, 's thog e suas i. Dh'fhàg am fiabhras i anns a' bhad, 's dheasaich i biadh dhaibh.
32Am beul an anmoich, nuair a chaidh a' ghrian fodha, bha iad a' tighinn thuige le daoine a bha tinn, 's le feadhainn a bha fo bhuaidh dheamhan. 33Bha a h‑uile duine sa bhaile air cruinn-eachadh man doras. 34Leighis e mòran air an robh iomadh droch thinneas, 's chuir e iomadh deamhan air theicheadh. Cha cheadaicheadh e dha na deamhain guth a ràdh, a chionns gum b'aithne dhaibh cò bh'ann.
Iosa a' Searmonachadh
35An ath mhadainn, fada mus d'èirich a' ghrian, thog Iosa air, 's chaidh e a‑mach a dh'àite uaigneach, 's thòisich e air ùrnaigh. 36Chaidh Sìmon agus a chompanaich air a thòir, 37's nuair a lorg iad e, thuirt iad ris, “Tha a h‑uile duine gad iarraidh.”
38Thuirt esan riusan, “Falbhamaid dha na bailtean as fhaisge dhuinn; feumaidh mi searmonachadh annta sin cuideachd, oir 'sann air a shon sin a thàinig mi.”
39Chaidh e a‑mach air feadh Ghalile uile, a' searmonachadh sna sionagogan, 's a' tilgeil a‑mach dheamhan.
Lobhar air a Ghlanadh
40Thàinig lobhar far an robh Iosa. Chaidh e air a ghlùinean, 's thuirt e ris, “Mas math leat, tha e nad chomas mise a ghlanadh.”
41Bha truas mòr aig Iosa ris. Shìn e a‑mach a làmh, bhean e dha, 's thuirt e ris, “Is math leam dha-rìribh; bi nise slàn.” 42Dh'fhàg an luibhre e sa mhionaid 's chaidh a shlànachadh. 43Chuir Iosa an sin air falbh e, 's e a' sparradh air, 44#Lebh 14.1-32“Feuch nach can thu guth ri duine, ach falbh 's seall thu-fhèin dhan t‑sagart. Dèan ìobairt mar a dh'iarr Maois, a dhearbhadh dhan t‑sluagh gu bheil thu air do ghlanadh.”
45Ach dh'fhalbh esan, 's cha robh tosd a' dol air ach ag innse fad is farsaing mar a thachair dha. Mar sin cha b'urrainn do dh'Iosa tadhal sna bailtean, ach dh'fhan e a‑muigh air an dùthaich. Ann an sin fhèin, bha feadhainn ga ruighinn ás gach àite.
Zvasarudzwa nguva ino
Marcus 1: GLD
Sarudza vhesi
Pakurirana nevamwe
Sarudza zvinyorwa izvi
Unoda kuti zviratidziro zvako zvichengetedzwe pamidziyo yako yose? Nyoresa kana kuti pinda
© Scottish Bible Society 1986, 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017