1
Marcus 1:35
Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986
An ath mhadainn, fada mus d'èirich a' ghrian, thog Iosa air, 's chaidh e a‑mach a dh'àite uaigneach, 's thòisich e air ùrnaigh.
Yenzanisa
Ongorora {{vhesi}}
2
Marcus 1:15
Thuirt e, “Seo a‑nis an t‑àm, tha rìoghachd Dhè air tighinn dlùth. Dèanaibh aithreachas, agus creidibh an Deagh Sgeul.”
3
Marcus 1:10-11
Cho luath 's a thàinig e a‑mach ás an uisge, chunnaic e na speuran a' fosgladh agus an Spiorad a' laighe air mar chalman. Thàinig guth bho nèamh an‑uairsin, ag ràdh, “'S tu Mac mo ghràidh agus 's mòr an toileachadh a tha thu a' toirt dhomh.”
4
Marcus 1:8
Bhaist mise sibh le uisge, ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.”
5
Marcus 1:17-18
Thuirt e riu, “Thigibh còmhla riumsa, agus ionnsaichidh mise dhuibh daoine a ghlacadh 's chan e iasg.” Dh'fhàg iad na linn sa mhionaid, agus dh'fhalbh iad còmhla ris.
6
Marcus 1:22
Chuir e ioghnadh anabarrach air an t‑sluagh nuair a chuala iad e, oir bha ùghdarras na theagasg nach robh idir aig na sgrìobhaichean.
Pekutangira
Bhaibheri
Zvirongwa
Mavideo