Agus nuair a thòisich daoine ri fàs lìonmhor air aghaidh na talmhainn, agus a rugadh nigheanan dhaibh,
Agus a chunnaic mic Dhè nigheanan dhaoine, gu robh iad sgiamhach; ghabh iad dhaibh fhèin mnathan de gach uile a roghnaich iad.
Agus thubhairt an Tighearna, Cha bhi mo Spiorad a’ strì ris an duine a‑ghnàth, do bhrìgh gur feòil a‑mhàin e: gidheadh bidh a làithean ceud agus fichead bliadhna.
Bha famhairean air an talamh anns na làithean sin; agus mar an ceudna na dhèidh sin, nuair a thàinig mic Dhè a‑steach a‑chum nigheanan dhaoine, agus a rug iad clann dhaibh, dh’fhàs iad sin nan daoine treuna, a bha o shean nan daoine ainmeil.